Technical Apprentice in Career Development - Stornoway
If you require this advert in another format, please contact recruitment@sds.co.uk or call 0300 013 5119.
Join SDS as a Full-Time Technical Apprentice in Career Development SCQF Level 9 (permanent opportunity).
For this role we require you to be fluent in Gaidhlig.
Nam bu mhath leat an sanas seo fhaighinn ann an cruth eile, cuir fios gu recruitment@sds.co.uk no fòn 0300 013 5119.
Thig gu SDS mar Phreantas Teicnigeach Làn-Thìde aig Ìre 9 SCQF ann an Leasachadh Dhreuchdan (cothrom maireannach)
Tha e riatanach a bhith fileanta sa Ghàidhlig airson na dreuchd seo.
About the Role
Mun Dreuchd
Based at our vibrant Stornoway centre, this full-time Technical Apprentice role offers the perfect blend of hands-on experience, expert mentorship, and structured learning — setting you up with the skills and qualifications to truly make a difference in your community.
Stèidhichte anns an ionad bheòthail againn ann an Steòrnabhagh, tha an dreuchd Preantas Teicnigeach làn-thìde seo a’ tabhann a’ choimeasgachaidh as fheàrr de eòlas tro chom-pàirt, meantorachd fiosrachail, agus ionnsachadh le structar – gad uidheamachadh leis na sgilean agus na teisteanasan a nì fìor dhiofar sa choimhearsnachd agad.
As a Technical Apprentice, you'll work closely with experienced Careers Advisers, connecting directly with people of all ages in schools, SDS offices, and local community settings. You'll play a vital role helping individuals build their career management skills, all the while following a tailored training plan to achieve your SVQ Level 4 in Career Information, Advice & Employability Support (SCQF Level 9). With fully supported study and practical workplace learning, you’ll be empowered to grow professionally over the course of this study which could take 12 to 18 months.
Mar Phreantas Teicnigeach, bidh tu ag obair gu dlùth le Comhairlichean Dhreuchdan eòlach, a’ dèanamh ceangal dìreach le daoine de gach aois anns na sgoiltean, oifisean SDS, agus suidheachaidhean coimhearsnachd ionadail. Bidh àite deatamach agad ann an cuideachadh dhaoine fa leth le an sgilean stiùiridh dreuchdail a thogail, agus aig an aon àm a’ leantainn plana trèanaidh a dh’aon gnothaich gus Ìre 4 SVQ ann am Fiosrachadh Dreuchdail, Comhairle is Taic So-fhastachd (SCQF Ìre 9) a choileanadh. Tro chothrom ionnsachaidh le làn-taic agus tro ionnsachadh practaigeach san àite-obrach, bidh tu comasaichte air fàs ann an seagh proifeiseanta thar a’ chùrsa ionnsachaidh seo thairis air 12 gu 18 mìosan.
Once you have completed the technical apprenticeship you will be expected to progress to the role of Trainee Careers Adviser and be fully funded to complete the Postgraduate Diploma in Career Guidance and Development (SCQF Level 11). This study, which is referred to as the QCD, is delivered flexibly through distance learning over two years — taking you one step closer to becoming a qualified Careers Adviser with us. During this study you will benefit from pay progression which is linked to learning milestones being reached. On successful completion of the QCD and associated development plans you can expect to progress to the role of Careers Adviser: Hear first-hand from some of our Careers Advisers about the benefits and lifestyle of a career in the career service at SDS and what makes them so passionate about their jobs.
Aon uair ’s gu bheil thu air a’ phreantasachd theicnigeach a chrìochnachadh, bithear a’ sùileachadh gun tèid thu air adhart gu dreuchd Comhairliche Dhreuchdan fo Thrèanadh agus a bhith làn mhaoinichte gu crìoch an Dioplòma Iar-Cheumnach ann an Stiùireadh Dreuchdail is Leasachadh (SCQF Ìre 11). Tha an cùrsa ionnsachaidh seo, a tha aithnichte mar QCD, air a lìbhrigeadh gu sùbailte tro ionnsachadh air astar thar dà bhliadhna – gad thoirt aon cheum nas fhaisge air a bhith nad Chomhairliche Dhreuchdan teisteanaichte againn. Tron àm sgrùdaidh seo, gheibh thu buannachd à adhartas pàighidh a tha an urra ri clachan-mìle ionnsachaidh a bhith air an coileanadh. Le crìoch shoirbheachail air an QCD agus na planaichean leasachaidh a tha co-cheangailte, faodaidh tu coimhead ri adhartachadh gu dreuchd Comhairliche Dhreuchdan: Cluinn dìreach bho chuid de ar Comhairlichean Dhreuchdan mu na buannachdan agus dòigh-beatha dhreuchdail anns an t-seirbheis dhreuchdan aig SDS agus na tha gan dèanamh cho dìoghrasach mu an obair.
This isn’t just an entry-level job — it’s a professionally supported career pathway, offering personalised training, hands-on experience, and long-term mentoring designed to help you thrive. At SDS, we value your commitment and are dedicated to supporting your growth every step of the way.
Chan e dìreach obair aig ìre inntrigidh a tha seo – ach slighe dhreuchdail le taic phroifeiseanta, a’ tabhann trèanadh pearsanaichte, eòlas tro chom-pàirt, agus meantorachd fad-amail a tha air a dhealbhadh gus do chuideachadh gu bhith soirbheachail. Aig SDS, tha sinn a’ cur luach air do dhealas agus tha sinn seasmhach ann an taic a chur ri d’ fhàs air gach ceum den t-slighe.
Ready to build a meaningful career and make a lasting impact? Learn more about this exciting opportunity today!
Deiseil airson dreuchd bhrìoghmhor a thogail agus buaidh mhaireannach a thoirt? Ionnsaich tuilleadh mun chothrom bhrosnachail seo an-diugh!
About You
Mud Dheidhinn
This opportunity is perfect for someone passionate about making a real difference in their community—especially by supporting people through important career decisions and transitions. Fluency in Gàidhlig is essential, as you’ll be providing dedicated support to Gaelic-speaking customers within the local authority, alongside helping a wider range of clients.
Tha an cothrom seo foirfe do neach a tha dìoghrasach mu dheidhinn fìor dhiofar a dhèanamh nan coimhearsnachd – gu h-àraid le bhith a’ cur taic ri daoine tro cho-dhùnaidhean cudromach dreuchdail agus eadar-ghluasadan. Tha fileantachd sa Ghàidhlig riatanach, a chionn ’s gum bi thu a’ toirt taic a dh’aon ghnothaich do chustamairean le Gàidhlig taobh a-staigh an ùghdarrais ionadail, a thuilleadh air cuideachadh do raon nas fharsainge de luchd-dèiligidh.
You’ll need an SCQF Level 7 qualification (like an HNC or Advanced Higher) or at least two years of relevant experience in an advice and guidance role. You should be someone who values inclusivity and clear communication, and who enjoys working both independently and as part of a team.
Tha feum agad air teisteanas SCQF Ìre 7 (leithid HNC no Àrd-Ìre Adhartach) no dà bhliadhna aig a’ char as lugha de eòlas buntainneach ann an dreuchd comhairleachaidh is stiùiridh. Bu chòir dhut a bhith mar neach a tha a’ cur luach air in-ghabhalachd is conaltradh soilleir, agus as toil a bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de sgioba.
Strong interpersonal skills and a genuine desire to empower people of all ages are essential. Balancing study with workplace responsibilities will be part of your journey, and we’re looking for someone proactive and reflective who’s eager to grow. There may also be some travel to the Scottish mainland which will provide you with opportunities to connect with colleagues and observe professional practice firsthand.
Tha sgilean làidir eadar-phearsanta riatanach agus miann fìor air daoine de gach aois a chomasachadh. Bidh cothromachadh eadar sgrùdaidhean ionnsachaidh agus dleastanasan an àite-obraich nam pàirt den t-slighe, agus tha sinn a’ sireadh neach a tha ro-ghnìomhach is beachdail, a tha dèidheil air fàs. Dh’fhaodadh gum bi beagan siubhail gu tìr-mòr na h-Alba, a bheir cothroman dhut air ceanglaichean a dhèanamh le co-obraichean agus amharc dìreach air cleachdadh proifeiseanta.
As part of our commitment to safeguarding, successful applicants will be asked to join the Protecting Vulnerable Groups (PVG) Scheme through Disclosure Scotland. This helps ensure the safety and trust of those we serve, and we’ll support you through this process if you’re successful.
Mar phàirt de ar gealltanas a thaobh dìon, thèid iarraidh air tagraichean soirbheachail a bhith nam ball de Sgeama (PVG) Dìon Bhuidhnean So-leònte tro Foillseachadh na h-Alba. Tha seo a’ cuideachadh le dèanamh cinnteach à sàbhailteachd agus earbsa na feadhainn a tha sinn a’ frithealadh, agus cuiridh sinn taic riut tron phròiseas seo ma bhios tu soirbheachail.
About SDS
Mu Dheidhinn SDS
Skills Development Scotland (SDS) is Scotland’s national agency for skills and workforce development. We are dedicated to driving inclusive growth, enhancing productivity, and expanding opportunities for individuals and communities across the country. Find out more about SDS here. As part of our own SDS Gaelic Language Plan we are actively increasing the number of roles where Gaelic fluency is considered essential.
Is e buidheann nàiseanta na h-Alba airson leasachadh sgilean is sgioba-obrach a th’ ann an Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS). Tha sinn seasmhach a thaobh fàs in-ghabhalach a stiùireadh, tarbhachd àrdachadh, agus cothroman a leudachadh do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Faigh a-mach tuilleadh mu SDS an seo. Mar phàirt de Phlana Gàidhlig SDS, tha sinn gu gnìomhach a’ meudachadh na h-àireimh de dhreuchdan far a bheil Gàidhlig air a meas riatanach.
Values
Luachan
Our organisational values are created by our colleagues and are the compass that guide our behaviours and actions with our customers and each other. We need our future colleagues to share these values and help us to continue to deliver our bold ambitions for the future;
- We put the needs of our customers at the heart of all we do
- We make use of our combined strengths and expertise to deliver the best outcomes
- We demonstrate self-motivation, personal responsibility, and respect
- We continually improve to achieve excellence
Tha ar luachan mar bhuidheann air an cruthachadh le ar co-obraichean agus is iad a’ chombaist a tha a’ stiùireadh ar giùlainean agus ar gnìomhan a thaobh ar custamairean agus càch a chèile. Tha feum gum bi ar co-obraichean ùra a’ gabhail ris na luachan sin agus gar cuideachadh gus leantainn air adhart le ar n-àrd-amasan dàna a lìbhrigeadh mu choinneamh an ama ri teachd:
- Tha sinn a’ cur feumalachdan ar luchd-dèiligidh aig cridhe gach nì a tha sinn a’ dèanamh.
- Tha sinn a’ dèanamh feum de ar neartan is ealantas còmhla gus na builean as fheàrr a lìbhrigeadh.
- Tha sinn a’ taisbeanadh fèin-bhrosnachadh, uallach pearsanta, agus spèis.
- Tha sinn a’ sìor leasachadh gus sàr-mhathas a choileanadh.
Benefits
Buannachdan
SDS is an award-winning equal opportunities and fair work employer. Our values and culture are owned and driven by our colleagues and show our commitment to our customers - the people of Scotland. Our employees enjoy a wide variety of progressive benefits and working practices. We prioritise employee engagement, wellbeing, and development, making us a great place to work.
Click here to see the full range of our Benefits.
Is e fastaiche chothroman co-ionann is obair chothromach a bhuannaich duaisean a th’ ann an SDS. Tha ar luachan is cultar ann an seilbh agus air an stiùireadh le ar co-obraichean, a’ taisbeanadh ar dealais do ar luchd-dèiligidh – sluagh na h-Alba. Tha ar cosnaichean a’ faotainn tlachd à measgachadh farsaing de bhuannachdan adhartach agus cleachdaidhean obrach. Tha sinn a’ toirt prìomhachas do chom-pàirt chosnaichean, sunnd, agus leasachadh, gar fàgail mar àite math obrach.
Cliog an seo gus an raon iomlan de na Buannachdan againn fhaicinn.
Where you’d be based
Far am biodh tu stèidhichte
This role will have its base in Stornoway. Travel may be required to mainland Scotland on occasion and travel across Eilean Siar will be required. A driving licence and access to a vehicle or other means of transport or access to work arrangements is essential due to the nature and geography of the role.
Bidh an dreuchd seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh. Dh’fhaodadh gum bi feum air siubhal gu tìr-mòr Alba aig amannan agus bidh siubhal air feadh nan Eilean Siar riatanach. Tha cead dràibhidh agus cothrom air carbad no modh còmhdhail eile no dòigh eile don àite-obrach riatanach, mar thoradh air nàdar is cruinn-eòlas na dreuchd.
SDS as an Inclusive Workplace
SDS mar Àite-obrach In-ghabhalach
At SDS we are committed to equality, diversity and inclusion. If you've got the right skills for the job, we want to hear from you. We encourage applications from the right candidates regardless of age, disability, gender identity, sexual orientation, religion, belief or race. To support our ambitions our application process is anonymised. Therefore, while we want to know about your relevant skills and experience, please avoid disclosing any identifying characteristics.
Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail aig SDS. Ma tha na sgilean ceart agad mu choinneamh na h-obrach, tha sinn airson cluinntinn bhuat. Tha sinn a’ misneachadh iarrtasan bho na tagraichean ceart a dh’aindeoin aois, ciorram, dearbh-aithne gnè, aomadh gnèitheil, creideamh, creideas no cinneadh. Gus taic a chur ri ar n-àrd-amasan, tha am pròiseas tagraidh againn gun urra. Mar sin, fhad ’s a tha sinn a' sireadh fiosrachaidh mud sgilean is eòlas buntainneach, feuch nach fhoillsich thu feartan aithneachaidh sam bith.
Our Application Process
Ar Pròiseas Tagraidh
The closing date to submit your application is Wednesday 3rd September 2025. Interviews are due to be scheduled as soon as possible thereafter.
Tha an latha deireannach airson tagradh a chur a-steach air Diciadain 3mh Sultain 2025. Bidh agallamhan air an clàradh cho luath ’s a ghabhas às dèidh sin.
More information on the interview format will be made available if you are invited to interview. To find out more about working at SDS and our application process please visit us at https://www.skillsdevelopmentscotland.co.uk/work-with-us/
Bidh tuilleadh fiosrachaidh mu chruth an agallaimh ri fhaotainn ma gheibh thu cuireadh gu agallamh. Airson tuilleadh fiosrachadh mu bhith ag obair aig SDS agus ar pròiseas tagraidh, tadhail oirnn aig https://www.skillsdevelopmentscotland.co.uk/work-with-us/
If this opportunity excites you and you would like to discuss the role in more detail to help you decide if it is right for you, contact Charlie.stewart@sds.co.uk.
Ma tha an cothrom seo gad bhrosnachadh agus gum bu mhath leat deasbad gu mionaideach mun dreuchd airson do chuideachadh a’ tighinn gu co-dhùnadh a bheil seo freagarrach dhut, cuir fios gu Charlie.stewart@sds.co.uk.
Internal applicants should discuss their application with their People Manager prior to applying for this post.
Bu chòir do thagraichean air an taobh a-staigh an iarrtas a dheasbad le am Manaidsear Dhaoine mus dèan iad tagradh airson na dreuchd.